Prògram Tòiseachaidh

Aig Teatar Nàiseanta na h-Alba,  tha sinn a’ tuigsinn gur e aon de na dòighean as fheàrr as urrainn do luchd-ealain an cuid cleachdaidh, sgilean agus lìonraidhean ionnsachadh agus a  leasachadh,  ’s ann tro phròiseas gnìomhach obrach. Agus chan eil nì nas fheàrr na buidseat, àm, farsaingeachd agus taic ainmichte ann a bhith ag àrach leasachadh air beachd-smuain ùr.
’S e iomairt a th’ ann an Starter a tha air a dheilbh gus beachd-smuaintean a chur agus a leabachadh tron tairgse airson ochd còmhnaidheachdan luchd-ealain a tha a’ tighinn le buidseat, farsaingeachd a tha pàighte gun airgead, agus uidheam, cothrom air comhairle agus eòlas teicnigeach,  agus riochdachadh is taic dràmadach bho roinn Leasachadh Ealantach.
Tha còmhnaidheachdan Starter nan cothrom do luchd-ealain briseadh air falbh bho am pàtranan àbhaisteach air dèanamh obair agus an dùbhlanachadh, a bhith glòir-mhiannach nan lèirsinn agus nan rùn a thaobh an cleachdaidh agus am beachd-smuaintean.

Còmhnaidheachdan

Tha còmhnaidheachdan Starter nan cothroman do luchd-ealain ùine a chur seachad                      a’ rannsachadh agus a’ leasachadh a’ chiad ghràin sìl de bheachd-smuain, leasachadh a bharrachd a dhèanamh air pròiseact a th’ ann mar-thà agus nach eil riochdaichte, agus dàimhean ùra a thogail. Chan e coimiseanan no cothroman riochdachaidh a th’ annta agus fanaidh na còraichean uile co-cheangailte ris an obair a tha ga leasachadh, leis an luchd-ealain agus an co-obraichean.
Tha gach còmhnaidheachd Starter a’ tighinn le buidseat ainmichte de £2,500. Bidh Anna Hodgart, riochdaire Engine Room, ag obair còmhla ris gach aon den luchd-ealain fa leth airson na còmhnaidheachdan uile a bhuidseatadh, a phlanadh agus a stiùireadh. Tha cothrom air farsaingeachd obrach ann an Rockvilla, togalach ùr a’ Chompanaidh ann an Glaschu, barantaichte don luchd-ealain le taic dèantach agus uidheam a rèir iarrtais – nuair a bhios e ri fhaotainn.
Ann an 2018, bidh luchd-ealain a’ gabhail os làimh leasachadh bheachd-smuaintean dèantach sam bith taobh a-staigh aon den dà raon-ama stèidhichte – An Dàmhair 2018 agus An Gearran 2019. Taobh a-staigh nam mìosan sin, – bidh farsaingeachdan agus modailean obrach de dhiofar sheòrsaichean fosgailte do luchd-ealain, agus thèid an comharrachadh a rèir feumalachdan agus àrd-amasan sònraichte gach neach-ealain / pròiseict.
Rè nam blocaichean leasachaidh fada mìosail sin, bidh cothrom aig luchd-ealain Starter air luchd-obrach agus luchd-ealain eile a tha ag obair ann an Rockvilla,  gus tuilleadh fiosrachaidh fhaotainn mun Chompanaidh agus mu thaobhan eile de dhèanamh dràma leithid togail-airgid, riochdachadh agus msaa.
Do luchd-ealain àraidh ann an Starter a tha airson obair an àiteachan eile,  coimheadaidh sinn ris an aon seòrsa taic fhaotainn bho ionadan/companaidhean com-pàirteachaidh air feadh Alba, agus an aon ìre de thaic a thogail agus a sholarachadh mun cuairt nan còmhnaidheachdan sin. Obraichidh sinn leis gach aon den Luchd-ealain gus an gnìomhachd agus am buidseat a bhriseadh sìos ann an dà ìre shònraichte:

1. Rannsachadh Gabhaidh rannsachadh a ghabhail os làimh aig àm sam bith an taobh a-staigh na bliadhna, ach gu barrail ron bhloc leasachaidh dhèantach san Dàmhair no sa Ghearran, agus a bhith an sàs ann an nì sam bith bho leantainn pròiseas neach eile, stiùireadh, turas rannsachaidh, sreath de chòmhraidhean no ùine còmhla ri eòlaichean bho dhiofar raointean obrach. ’S e cothrom a tha seo do dhòigh smaoineachaidh is cleachdaidh a dhùbhlanachadh agus d’ eòlas ’s do stòras-fiosrachaidh a leudachadh mus tèid thu a-steach don t-seòmar airson leasachadh dèantach.

2. Leasachadh Tha leasachadh a’ ciallachadh ùine dhèantach ann an seòmar eadar gur e sin sgrìobhadh, obair le co-obraichean no cleasaichean, rannsachadh eileamaidean dealbhaidh agus teicnigeach den bheachd-smuain, agus tachraidh sin taobh a-staigh nam blocaichean leasachaidh ainnmichte san Dàmhair no sa Ghearran. ’S e cothrom a tha seo drileadh a-steach don bheachd-smuain shònraichte agad fhèin, a leasachadh, a dheuchainneadh agus a ghrinneachadh le taic bho cho-obraichean/luchd-obrach.

Ma thèid do thaghadh airson Starter, gheibh thu taic a’ ceasnachadh agus a’ cur cheistean mu cò ris a dh’fhaodadh an dà ìre seo a bhith coltach, chan eilear a’ sùileachadh dhut am briseadh sìos seo a chur an cèill aig ìre iarrtais.

Nam bu mhath le neach-ealain roinn phrìobhaideach air obair a tha leasaichte tron chòmhnaidheachd, thèid seo aontachadh leis gach neach-ealain air bunait gach cùis fa leth.

Thoir an aire! Feumaidh gach buidseat còmhnaidheachd na cosgaisean uile co-cheangailte ris a’ chòmhnaidheachd a chòmhdach. Tha seo a’ gabhail a-steach cìsean do na co-obraichean uile (a’ gabhail a-steach an neach-ealain taghte), a bhios pàighte a rèir gnàth-riaghailtean cunnradhail Teatar Nàiseanta na h-Alba.

CuinFeumaidh leasachadh dèantach tachairt ann an aon den dà bhloc mhìosail san Dàmhair 2018 no sa Ghearran 2019. Feumaidh luchd-ealain comharrachadh san tagradh aca dè am bloc mìosail as fheàrr a fhreagras orra a thaobh faotainneachd, agus sònraichidh sinn ceathrar luchd-ealain airson obair anns gach bloc. Faodaidh rannsachadh a dhèanamh aig àm sam bith ron bhloc mhìosail a chaidh a thaghadh agus a rèir plana air a dhealbhadh le taic bho Anna Hodgart, Riochdaire Engine Room.

Mar a rachar an sàs ann:

Tha an cothrom seo fosgailte do luchd-ealain tarsainn chruthan ealain (a’ gabhail a-steach teatar, ceòl, fuaim, gluasad, film, ealain lèirsinneach, innse sgeulachdan, am facal labhairte, is eile), a tha airson beachd-smuain coileanaidh dàna agus riatanach a tha ùr no làithreach a rannsachadh, agus a tha a’ gluasad an cleachdaidh agus an dreuchd-beatha air adhart.

Feumaidh tu a bhith:

  • còmhnaidh ann an Alba.
  • thairis air 18 bliadhna a dh’aois.
  • comasach air a thaisbeanadh gu bheil thu air pròiseact ealain buntainneach a ghabhail os làimh (taobh a-muigh ionnsachadh foirmeil).
  • so-thaghte airson obair san RA agus comasach air fianais a sholarachadh tro thaisbeanadh air cead-siubhail dligheach no VISA, mura h-e neach-còmhnaidh den Aonadh Eòrpach a th’ annad.
  • ri làimh Diciadain 4 Giblean airson ciad choinneamh cur-an-aithne leis an làn sgioba aig Starter, a thuilleadh air a bhith ri làimh airson leasachadh sam bith a ghabhail os làimh ann an aon de dhà bhloc leasachaidh aig Rockvilla (An Dàmhair 2018 no An Gearran 2019).

Chan fhaod thu a bhith:

  • ann am foghlam làn-ùine.
  • air do thaghadh airson còmhnaidheachd air Starter for Ten 2016 no prògram Starter 2017.
  • barrachd air aon iarrtas a chur a-steach, ged a dh’fhaodadh tu a bhith air d’ ainmeachadh mar cho-obraiche air iarrtas chuideigin eile.

Pròiseas taghaidh

1. Thig ciad liosta fhada a-mach às na tairgsean, a’ prìomhachadh nam beachd-smuaintean as motha a tha a’ togail ùidh a’ phannail.

2. Tha iad an dòchas a bhith air am brosnachadh leis:a) na beachd-smuaintean agus cruthan a thathar a’ sgrùdadh.b) a’ bhuannachd air ainmeachadh do chleachdadh an neach-ealain.

3. Ann an taghadh nan ochd luchd-ealain deireannach, bidh am pannal ag amas air buidheann a thaghadh a bhios a’ nochdadh iomadachd na h-Alba,  a’ gabhail a-steach gnèitheach, cruinn-eòlasach, cànanach, cinnidheach, eaconamach agus cultarach. Is e ar rùn cothromachd gnèithe a bhith follaiseach tarsainn na buidhne, a’ gabhail a-steach luchd-ealain de dhath, iadsan a tha comharraichte ciorramach, luchd-ealain stèidhichte taobh a-muigh meadhan Alba agus luchd-labhairt mhion-chànanan na h-Alba.

4. Fhad ’s a tha iarrtasan fosgailte do luchd-ealain aig gach ìre agus àite nan dreuchdan-beatha, bidh taghadh ga dhèanamh sa chiad àite a rèir an dà shlat-tomhais gu h-àrd, ann an dèanamh an taghaidh bidh am pannal a’ prìomhachadh luchd-ealain aig a bheil eòlas dèantach san raon sa bheil iad a’ moladh a bhith ag obair (mar eisimpleir, mas e cleasaiche a th’ annad ag iarraidh dealbh-chluich a sgrìobhadh, bu chòir cuimse de eòlas sgrìobhaidh a bhith agad). Mar an ceudna, dh’fhaodadh nach bi sinn deònach luchd-ealain a phrìomhachadh airson taghadh aig an robh còrr air trì cothroman làn mhaoinichte air an riochdachadh gu proifeiseanta.

Feuch gun toir sibh an aire nach eil sinn comasach air fiosrachadh air ais a thoirt seachad a thaobh iarrtasan nach robh soirbheachail, mar thoradh air an àireamh de dh’iarrtasan.

Raon-ama:

Ceann-ama Iarrtasan:

4f Dihaoine 2 Gearran 2018Fios do thagraichean mu bhuilean:

Diluain 26 Gearran 2018Ainmeachadh poblach:

Tagraichean soirbheachail gan ainmeachadh meadhan a’ Ghiblein 2018, ri dhearbhadh.

Pròiseas Tagraidh:

Tha am foirm iarrtais air-loidhne ri fhaotainn airson a lìonadh tro Submittable, a tha comasach air  gabhail ri iarrtasan sgrìobhte, claisneach agus bhidio. Gliogaibh an seo airson liosta de cheistean a thèid fhaighneachd dhuibh mar phàirt den phròiseas tagraidh. Tha e comasach iarrtas a dhreachadh, a shàbhaladh agus tilleadh thuige air Submittable.

Mura h-eil Submittable ruigsinneach dhuibh airson adhbhar air choreigin, cuiribh fios gu  starter@nationaltheatrescotland.com or call 0141 221 0970 agus beachdaichidh sinn air dòighean tagraidh eile.
submit

NA CUIRIBH A-STEACH ìomhaighean no ceanglaichean làraich-lìn.
Feumaidh iarrtasan uile a bhith ann am Beurla, mura tèid aontachadh ro-làimh.
Tha Prògram Starter a’ faotainn taic bho Stèidh Esmée Fairbairn agus Urras Carthannach  McGlashan.

Tha am fiosrachadh seo ri fhaotainn aig www.nationaltheatrescotland.com/collaborate/engine-room/  anns na tionndaidhean a leanas: BSL Eadar-mhìnichte agus Gàidhlig. Tha Labhairteach, Clò Mòr agus Beurla rim faotainn le an iarraidh (Post-d: starter@nationaltheatrescotland.com).

Keep up to date with National Theatre of Scotland