GAIRM SGRÌOBHADAIREAN – SEALLAIDHEAN SOIRBHEACHAIDH

Tha Theatar Nàiseanta na h-Alba airson cothroman air a bheil cruaidh fheum a thoirt do luchd-ealain tro na h-amannan dùbhlanach seo.

Tha sinn a’ tuigsinn gu tur nach e dìreach dùbhlain a thaobh ionmhais ris a bheil luchd-ealain a’ dèiligeadh, mar sin tha an gairm seo dhaibhsan a tha a’ faireachdainn gu bheil comas aca a bhith cruthachail aig an àm seo.

Tha an cothrom seo cuideachd mu dheidhinn a bhith a’ comharrachadh ar cultair nàiseanta a tha air leth agus aig an aon àm a’ togail airgid don choimhearsnachd a tha ag obair air an ceann fhèin agus a tha a’ fulang cruadal eagalach eaconamach is faireachail.

Bidh gairm pàighte eile ga sgaoileadh ann am beagan sheachdainean, agus tha sinn cuideachd a’ rannsachadh dhòighean ùra air fuireach co-cheangailte ri luchd-ealain a tha ann an iomallachd, tro ar prògram didseatach Engine Room.

Is e pròiseact ealanach air-loidhne a tha freagairteach do chùis èiginn a th’ ann an Seallaidhean Soirbheachaidh(Scenes for Survival), a chaidh ainmeachadh ann an co-bhonn ri BBC na h-Alba agus pròiseact Cultar Ealain ann an Cuarantain a’ BhBC, còmhla ri cuid de phrìomh thaighean-cluiche agus companaidhean theatar na h-Alba.

Bidh Seallaidhean Soirbheachaidh (Scenes for Survival) air a dhèanamh suas de dh’earrannan goirid, leis a’ mhòr-chuid ann an cruth monolog a tha a’ comharrachadh sgrìobhadh dràma Albannach, suas ri 5 mionaidean de dh’fhaid, air a thaisbeanadh air ar n-àrd-ùrlaran air-loidhne do luchd-èisteachd air feadh Alba agus air feadh an t-saoghail.

Tha sinn a’ toirt cuireadh do thairgsean bho dhràmairean proifeiseanta a tha Albannach no stèidhicte ann an Alba, gus monologan ùra a sgrìobhadh / a chruthachadh ann am Beurla, Gàidhlig, Albais no BSL, a thèid fhilmeadh le cleasaichean ann an iomallachd agus le taic bho stiùiriche.

Gheibh na sgrìobhadairean a thèid a thaghadh, tuarastal coimisein de £750 airson an obair a thaisbeanadh tarsainn àrd-ùrlaran air-loidhne Theatar Nàiseanta na h-Alba còmhla ri ar co-chompàirtichean agus BBC na h-Alba air-loidhne/BBC Ealain mar phàirt de phròiseact Cultar Ealain ann an Cuarantain a’ BhBC. Dh’fhaodadh gun tèid àireamh de ‘seallaidhean’ a thaghadh às dèidh sin airson craoladh air TBh/iPlayer. Thèid tuarastal a bharrachd a thabhann do sgrìobhadairean far a bheil na seallaidhean aca air an taghadh airson àrd-ùrlaran craolaidh sònraichte.

Tagradh

Airson tagradh a chur a-steach, feumaidh sgrìobhadairean an stuth a leanas a chur a-steach tro Submittable:

  • 100 facal (aig a’ char as àirde) mun bheachd-smuain aca
  • Eisimpleir de an sgrìobhadh (1 duilleag aig a’ char as motha)
  • Ùine maireachdainn a tha san amharc don mhonolog aca
  • Riatanasan taghaidh san amharc. Is e monologan a dh’fheumas a bhith sna “seallaidhean” ach tha comas ann air cleasaichean a bhith a’ fuireach còmhla / san aon dachaigh airson an cur an gnìomh, cho math ri sealladh-dithis air an deasachadh còmhla.

Fuirichidh a’ chiad ghairm fosgailte do thagraidhean gu Diardaoin 16 Giblean. Bidh na tagraidhean uile air an leughadh le sgioba ealain Theatar Nàiseanta na h-Alba. Thèid ‘seallaidhean’ air an coimiseanadh a mhaidseadh le cleasaiche no paidhir chleasaichean agus stiùiriche.

Tha sinn a’ coimhead ris a’ chiad chuairt de choimiseanan a thabhann bho na tagraidhean taobh a-staigh dà sheachdain den ghairm a bhith air a dhùnadh.

Fosglaidh sinn gairm eile gus ceadachadh do sgrìobhadairean, aig nach eil comas gu làithreach air tagradh a dhèanamh, air tagradh a chur a-steach aig ceann-latha nas fhaide air adhart.

submit

Is e pròiseact bho Theatar Nàiseanta na h-Alba a th’ ann an Seallaidhean Soirbheachaidh (Scenes for Survival) ann an co-bhonn ri BBC na h-Alba, agus pròiseact Cultar Ealain ann an Cuarantain a’ BhBC.

Ann an co-chomann le Ealain Gnìomhaidh Obar Dheathain, Birds of Paradise, Ionad Ealain Beacon, Taigh-cluiche na Bàthcha, Taigh-cluiche an Citizens, Taigh-cluiche Dundee Rep, Taigh-cluiche Cùirt an Easbaig, Imaginate, Ionad Ealain Macrobert, Taigh-cluiche Pheairt agus Ealain Horsecross, Taigh-cluiche Bhaile Chloichridh, Companaidh Theatar an Lyceum Rìoghail, Stellar Quines, Taigh-cluiche an Tron agus Taigh-cluiche an Traverse.