Gaelic Work

Neach-Ealain Gàidhlig / Leasachadh Obair-Ealain

Mar chompanaidh ealain gnìomhachaidh, tha Theatar Nàiseanta na h-Alba dìoghrasach mu riochdachadh mòran ghuthan is sgeulachdan na dùthcha agus dealasach a thaobh in-ghabhail agus taisbeanadh air obair le luchd-ealain agus companaidhean bho mhion-chultaran ann an Alba.

Mar chànan beò, tha sinn a’ creidsinn gu bheil a’ Ghàidhlig na pàirt chudromach de dhearbh-aithne cultarach na h-Alba, agus tha sinn airson cultar Gàidhlig a thuigsinn, a riochdachadh agus a luachadh nas fheàrr tarsainn làn raoin ghnìomhachdan na Companaidh.

Tha sinn a’ cur leasachadh luchd-ealain agus obair-ealain aig ar teis-mheadhain, agus mar sin is ann tro ar dleastanas ealantach a tha ar dàimh leis a’ Ghàidhlig agus a cultar air tòiseachadh.

Tha an Theatar an-còmhnaidh ag ath-innleachadh a chruth agus a structar, ga chur ann an àite math airson traidiseanan ealantach is cultarach saidhbhir na Gàidhlig a ghabhail a-steach do phròiseactan dràma buntainneach do luchd-labhairt na Gàidhlig agus do dhaoine gun Ghàidhlig a tha a’ fuireach ann an Alba an-diugh. Mar thoradh air an sin, chan eil sinn cuibhrichte nar sireadh air luchd-ealain gu iadsan a tha ag obair mar-thà ann an dreuchdan traidiseanta theatar.

Gaelic Artist / Artwork Development

As a national performing arts company, the National Theatre of Scotland is passionate about representing the country’s many voices and stories and is committed to the inclusion and presentation of work by artists and companies from minority cultures in Scotland.

As a living language, we believe Gaelic to be an important part of Scotland’s cultural identity, and wish to better understand, represent and value Gaelic culture across the Company’s full range of activities.

We place the development of artists and artworks at our core, and it is therefore through our artistic remit that our relationship with Gaelic language and culture has begun.

Theatre is constantly reinventing its form and structure, making it well placed to assimilate Gaelic’s rich artistic and cultural traditions into contemporary and relevant drama projects for Gaelic and non-Gaelic speakers living in Scotland today. As a result, we are not limited in our search for artists, to those already working in traditional theatre roles.

Thigibh na luib

Ma tha thu nad Neach-ealain no nad riochdaire Gàidhlig proifeiseanta no dìreach a’ tòiseachadh, agus tu a’ fuireach agus ag obair ann an Alba, bu mhath leinn cluinntinn bhuat.

Mas e gnìomhaiche àrd-ùrlair a th’ annad, cuir dealbh-cinn dhìot fhèin agus an CV agad air post-d gu ar Co-phàirtiche Taghaidh, Laura Donnelly.

Ma tha thu nad phàirt de bhuidheann coimhearsnachd, buidheann òigridh, no buidheann neo-dhreuchdail, le eòlas air no ùidh ann an coileanadh dràma le com-pàirtichean, feuch gun cuir thu fios gu ar Manaidsear Ionnsachaidh is For-ruigheachd, Gillian Gourlay.

Airson gach iarrtas eile a thaobh àite ann an dreuchd theatair, cuiribh fios gu Anna Hodgart, Manaidsear Pròiseact Leasachaidh Ealanta.

Get Involved

If you are already a professional Gaelic Artist or Producer, or are just getting started, and you are living and working in Scotland, we’d like to hear from you.

If you are a performer, please email your headshot and CV to our Casting Director, Laura Donnelly.

If you are part of a community group, youth group, amateur group, have experience of or are interested in making theatre with participants, then please contact our Learning and Outreach Manager, Gillian Gourlay.

For all other training or placement requests, please contact Anna Hodgart, Artistic Development Project Manager.

 

 

Header image: Whisky Galore / Uisge-Beatha Gu Leòr.  Image by Drew Farrell.

Keep up to date with National Theatre of Scotland